Aithris air Dreachd Phlana Gàidhlig an Oilthigh

Tha an Comann Ceilteach dealasach a thaobh taic a thoirt don Ghàidhlig, agus tha sinn gu math toilichte a bhith faicinn gu bheil Buidheann Comhairleachaidh Plana Gàidhlig an oilthigh gu gnìomhach a’ co-chomhairleachadh le coimhearsnachd an oilthigh san fharsaingeachd air taic cànain Gàidhlig. Ach, chun ar n-inntinn, chan eil àrd-amas sam bìth aig a’ dhreachd seo.

A thaobh follaiseachd a’ chànain, tha an t-Oilthigh a’ tighinn geàrr gu lèir air soidhnichean dà-chànanach sa champas, gu h-àraid an coimeas ri oilthighean eile aig a bheil roinnean Gàidhlig mòra. Tha fhios againn gu bheil buaidh bheag aig soidhnichean a thaobh brosnachaidh cleachdaidh na Gàidhlig, ach tha faicsinneachd cudthromach a thaobh togail mothachaidh. Bidh Oilthigh Obar Dheathain a’ togail oileanaich bho fheadh an t-saoghail, ach bidh mòran dhiubh a’ sgrùdadh agus a’ fuireachd ann an seo ann an seo gun a bhith eòlach air a’ Ghàidhlig idir air sgàth ’s nach eil e follaiseach. Chan eil an dreachd a th’ againn a’ dèiligeadh ris an duilgheadas sin.

Eadar dà sgeul, faodar an aon rud a ràdh mu dhèidhinn Albais Ear-thuathach, mar thoradh air nach eil an t-Oilthigh ga bhrosnachadh idir ged as e na chànan mhàthaireil aig cus nan oileanach bhon Ear-thuath. Tha sinn a’ cur fàilte air bunait Bòrd Albais an Ear-thuath agus tha sinn an dòchas gum bi sinn ag obair còmhla riutha san àm ri teachd gus follaiseachd cànanan na h-Alba àrdachadh aig an Oilthigh againn.

Feumaidh sinn feartan a’ Phlana Ghàidhlig a chomharrachadh ann an iomadh dòigh, agus na molaidhean ùr-ghnàthach a chuireas e air adhart, ged a tha coltas gu bheil iomairtean tòcainteach air prìomhachas fhaighinn thairis air dealas ùr airson amasan a tha nas adhartaiche.

Mar phàirt dhen phlana mu dheireadh, bha an t-Oilthigh an dùil Taigh na Gàidhlig (sgeama àite-còmhnaidh Gàidhlig) a chur air dòigh, collach ris an fhear a th’ ann aig Oilthigh Ghlaschu, amas nach deach a choileanadh a-riamh. Chan eil an dreachd phlana ùr a’ moladh ach gum bu chòir do dh’oileanaich a tha a’ gluasad a-steach dha na Halls of Residence a bhith comasach a ràdh gum bu toil leòtha fuireachd le daoine eile aig a bheil Gàidhlig. Ach, tha oileanaich ùra ann a tha an dùil Gàidhlig ionnsachadh, ach aig nach eil comas Gàidhlig a-cheana – agus tha barrachd ann dhiubh na tha ann de oileanaich ùra aig a bheil Gàidhlig mar-tha. Chan eil an sgeama seo fosgailte do luchd-ionnsachaidh ùra, agus chan eil Halls of Residence na roghainn tarraingeach dhan mhòr-chuid de dh’oileanaich a bhios a tilleadh airson an dàrna, treas no ceathramh bliadhna, mar thoradh air ruigsinneachd is 0prìsean.

‘S e easbhaidh eile den phlana, a tha air a bhith na dhuilgheadas leantainneach, a th’ ann an dìth Oifigeir Ghàidhlig sònraichte aig an oilthigh. Gu ruige seo, tha gnìomhan co-cheangailte ri adhartachadh na Gàidhlig air an tiomnadh do luchd-obrach le iomadh dhleastanasan eile. Tha sin a’ ciallachadh nach eil a’ chànan air a bhith na phrìomhachas aig ìre sam bith. Tha Oifigear Gàidhlig làn-ùine aig Oilthigh Ghlaschu, agus fear pàirt-ùine aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus tha sin gar toirt ann an ana-cothrom mòr nuair fa chomhair trusaidh oileanaich Ghàidhlig.

Gus sgeul fada a chur an giorrad, tha an Comann Ceilteach fhathast a’ feitheamh air a’ phlana dheireannach gus na h-amasan deireannach a mheasadh. Leanaidh sinn oirnne taic a thoirt dhan a h-uile oidhirp a nì Oilthigh Obar Dheathain gus a’ Ghàidhlig adhartachadh, agus tha sinn an dòchas gun coilean an t-Oilthigh na h-amasan a th’ air an comharrachadh a thaobh seo.